Originale | Traduzione italiana / Italian translation / Traduction italienne... |
IAIN MACPHAIDEIN: OIDHCHE MHATH LEIBH | BUONANOTTE A VOI |
| |
Soraidh leibh is oidhche mhath leibh, | Addio e buonanotte a voi, |
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh; | Buonanotte e che siate felici; |
Guidheam slàinte ghnàth bhith mar ribh, | Che la salute sempre vi assista, |
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. | Buonanotte e che siate felici. |
| |
Chan eil inneal-ciùil a ghleusar | Non c'è nessuno strumento che suoni |
Dhùisgeas smuain mo chlèibh gu aoibh, | Che mi desterebbe pensieri di gioia nel cuore |
Mar nì duan o bheòil nan caileag; | Quanto le canzoni cantate dalle ragazze; |
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. | Buonanotte e che siate felici. |
| |
'S guth gum chridhe, pong nan òran, | La voce del mio cuore è una nota della canzone, |
Caidir sòlais, òigridh seinn; | È un piacere che prende i ragazzi che cantano; |
Aiteal ciùin air làithean m' òige, | Rivedo la calma dei giorni della mia giovinezza, |
Sonas a bhith 'n còmhnaidh leibh. | Felicità che sarà sempre con te. |
| |
Màthair uisg' an tobair fhìoruisg', | Sorgente d'acqua, fonte zampillante, |
Cainnt ar sinnsir, brìgh na loinn; | La lingua atavica è essenza d'eleganza; |
'S faochadh tlàth o ànradh m' inntinn, | E leggero sollievo alle pene che ho dentro, |
Nuair bheir rann na glinn am chuimhn'. | Quando mi ricordo un verso del glenn. |
| |
Grian cha laigh a-nochd air mìltean | Per molti oggi il sole non tramonterà |
Leis am binn a fuinn 's a roinn, | Con i canti e i versi melodiosi; |
'S dom bi 'n sgeul na mhòr thoil-inntinn, | Ci saranno storie piacevolissime |
Dh'innseas dhaibh gu robh sinn cruinn. | Che diranno loro che siamo insieme. |
| |
Astar cuain cha dèan ar sgaradh, | Neanche gli oceani ci separeranno, |
Dùrachd dàimh am bannaibh toinnt'; | Godiamo dell'affinità e dei legami intessuti |
Glèidh an àgh a dh'fhàg a' bheannachd; | Serbando l'allegria causata dalla felicità, |
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. | Buonanotte e che siate felici. |
| |
Thuit ar crann air saoghal carach, | Il nostro destino è caduto in un mondo falso, |
Coma siud, tha mhaitheas leinn; | Ma, nonostante tutto, restiamo gentili; |
Bidh sinn beò an dòchas ro-mhath; | Vivremo in bontà e speranza, |
Oidhche mhath leibh, beannachd leibh. | Buonanotte e che siate felici. |