Language   

Language: Gaelic




‘Tha tìm, am fiadh, an coille Hallaig’

Tha bùird is tàirnean air an uinneig
trom faca mi an Àird Iar
’s tha mo ghaol aig Allt Hallaig
’na craoibh bheithe, ’s bha i riamh

eadar an t-Inbhir ’s Poll a’ Bhainne,
thall ’s a-bhos mu Bhaile Chùirn:
tha i ’na beithe, ’na calltainn,
’na caorann dhìrich sheang ùir.

Ann an Sgreapadal mo chinnidh,
far robh Tarmad ’s Eachann Mòr,
tha ’n nigheanan ’s am mic ’nan coille
a’ gabhail suas ri taobh an lòin.

Uaibreach a-nochd na coilich ghiuthais
a’ gairm air mullach Cnoc an Rà,
dìreach an druim ris a’ ghealaich –
chan iadsan coille mo ghràidh.

Fuirichidh mi ris a’ bheithe
gus an tig i mach an Càrn,
gus am bi am bearradh uile
o Bheinn na Lice fa sgàil.

Mura tig ’s ann theàrnas mi a Hallaig
a dh’ionnsaigh Sàbaid nam marbh,
far a bheil an sluagh a’ tathaich,
gach aon ghinealach a dh’fhalbh.

Tha iad fhathast ann a Hallaig,
Clann Ghill-Eain’s Clann MhicLeòid,
na bh’ ann ri linn Mhic Ghille Chaluim:
chunnacas na mairbh beò.

Na fir ’nan laighe air an lèanaig
aig ceann gach taighe a bh’ ann,
na h-igheanan ’nan coille bheithe,
dìreach an druim, crom an ceann.

Eadar an Leac is na Feàrnaibh
tha ’n rathad mòr fo chòinnich chiùin,
’s na h-igheanan ’nam badan sàmhach
a’ dol a Clachan mar o thus.

Agus a’ tilleadh às a’ Chlachan,
à Suidhisnis ’s à tir nam beò;
a chuile tè òg uallach
gun bhristeadh cridhe an sgeòil.

O Allt na Feàrnaibh gus an fhaoilinn
tha soilleir an dìomhaireachd nam beann
chan eil ach coitheanal nan nighean
a’ cumail na coiseachd gun cheann.

A’ tilleadh a Hallaig anns an fheasgar,
anns a’ chamhanaich bhalbh bheò,
a’ lìonadh nan leathadan casa,
an gàireachdaich ‘nam chluais ’na ceò,

’s am bòidhche ’na sgleò air mo chridhe
mun tig an ciaradh air caoil,
’s nuair theàrnas grian air cùl Dhùn Cana
thig peilear dian à gunna Ghaoil;

’s buailear am fiadh a tha ’na thuaineal
a’ snòtach nan làraichean feòir;
thig reothadh air a shùil sa choille:
chan fhaighear lorg air fhuil rim bheò.



Main Page

Please report any error in lyrics or commentaries to antiwarsongs@gmail.com

Note for non-Italian users: Sorry, though the interface of this website is translated into English, most commentaries and biographies are in Italian and/or in other languages like French, German, Spanish, Russian etc.




hosted by inventati.org