Lingua   

Fuadach nan Gàidheal

Henry Whyte, aka Fionn




Gur e mise tha tùrsach,
A' caoidh cor na dùthcha,
'S nan seann daoine cùiseil
Bha cliùiteach is treun;
Rinn uachdarain am fuadach
Gu fada null thar chuantan,
Am fearann ga thoirt bhuapa
'S thoirt suas dha na fèidh.

'S e sud a' chulaidh-nàire,
Bhith faicinn dhaoine làidir
Gam fuadach thar sàile
Mar bhàrrlach gun fheum.
'S am fonn a bha àlainn
Chaidh chur fo chaoraich bhàna;
Tha feanntagach 's a' ghàradh,
'S an làrach fo fheur.

Far an robh mòran dhaoine
Le 'm mnathan is le'n teaghlaich,
Chan eil ach caoraich-mhaola
Ri fhaotainn 'n an àit';
Chan fhaicear air a' bhuailidh
A' bhanarach le buaraich
No idir an crodh guaillfhionn
'S am buachaile bàn.

Tha 'n uiseag anns na speuran
A' seinn a luinneig ghleusda,
'S gun neach a tha ga h-èisteachd,
Nuair dh'èireas i àrd.
Cha till, cha till na daoine,
Bha cridheil agus aoigheil,
Mar mholl air latha gaoithe,
Chaidh 'n sgaoileadh gu bràth.



Pagina principale CCG

Segnalate eventuali errori nei testi o nei commenti a antiwarsongs@gmail.com




hosted by inventati.org